Difference between revisions of "Parant.org.uk"
AboutUsBot (talk | contribs) (Page Updated by AboutUsBot) |
(No difference) |
Revision as of 06:09, 21 June 2006
Title
CnaP
Description
Comann nam Pàrant
Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a' riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. 'S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a' cur air adhart agus a' toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". 'S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985. Feumaidh taic nam pàrant leantainn ma tha tuilleadh adhartais a' dol a thighinn air an t-siostam foghlaim seo.
'S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a' sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn 's gu bheil a' soirbheachadh leis.
'S e amas FTMG, tro stiùireadh nàiseanta an riaghaltais, a bhith a' toirt cloinne air adhart gu bhith cho fileanta ann an Gàidhlig agus ann am Beurla mus crìochnaich iad sa bhun-sgoil. Tha an siostam foghlaim fosgailte do na h- uile agus ri fhaighinn ann an 60 bun-sgoil air feadh Alba. Tha FTMG cuideachd a' leudachadh dhan àrd-sgoil ri linn 's cho soirbheachail 's a tha e air a bhith aig ìre fo-aois-sgoile agus ìre bun-sgoile. Tha a' mhòr-chuid de chloinn a tha ann an FTMG a' tighinn à dachaighean far nach eil a' Ghaidhlig ga cleachdadh.